Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 26:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Saul, Pheacaich mi: till, a mhic, a Dhaibhidh, oir cha dèan mi cron ort tuilleadh, a chionn gu robh m’anam luachmhor ad shùilean an‑diugh: feuch, rinn mi gu h‑amaideach, agus chaidh mi air seachran gu ro‑mhòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus a‑rìs chuir e uaithe ceannard an treas lethcheud, maille ra lethcheud: agus chaidh an treas ceannard lethcheud suas, agus thàinig e, agus leig e e fhèin air a ghlùinean fa chomhair Eliah, agus dh’aslaich e air, agus thubhairt e ris, A dhuine le Dia, biodh, guidheam ort, m’anam-sa, agus anam an lethcheud òglach seo agad, luachmhor ad shùilean.

Feuch, thàinig teine a‑nuas o na nèamhan, agus loisg e suas a’ chiad dà cheannard lethcheud, maille rin lethcheudan; ach a‑nis biodh m’anam-sa luachmhor ad shùilean.

Is luachmhor ann an sealladh an Tighearna bàs a naomh.

(Oir tha saorsa an anama luachmhor, agus sguiridh e am feasd:)

O fhoill agus o fhòirneart saoraidh e an anam, agus bidh am fuil luachmhor na shùilean.

Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair seo: tha an Tighearna ceart, agus mise agus mo shluagh aingidh.

Agus thubhairt Balàam ri aingeal an Tighearna, Pheacaich mi, oir cha robh fhios agam gun do sheas thu anns an t‑slighe am aghaidh: a‑nis uime sin, mas mì‑thaitneach leat e, tillidh mi air m’ais a‑rìs.

Ag ràdh, Pheacaich mi ann am brath na fala neochiontaich. Ach thubhairt iadsan, Ciod e sin dhuinne? Amhairc thusa air a sin.

Agus thubhairt Samuel ri Saul, Rinn thu gu h‑amaideach: cha do ghlèidh thu àithne an Tighearna do Dhia, a dh’àithn e dhut; oir a‑nis dhaingnicheadh an Tighearna do rìoghachd air Israel gu bràth.

Agus thubhairt Saul ri Samuel, Pheacaich mi, oir bhris mi àithne an Tighearna agus do bhriathran-sa; a chionn gu robh eagal orm ron t‑sluagh, agus gun d’èisd mi rin guth.

An sin thubhairt e, Pheacaich mi; gidheadh a‑nis thoir urram dhomh, guidheam ort, am fianais seanairean mo shluaigh, agus am fianais Israeil, agus till maille rium, a‑chum gun dèan mi adhradh don Tighearna do Dhia.

An sin chaidh ceannardan nam Philisteach a‑mach: agus an dèidh dhaibh dol a‑mach, ghiùlain Daibhidh e fhèin na bu ghlice na uile sheirbhisich Shauil: agus bha a ainm ro‑urramach.

Agus thubhairt e ri Daibhidh, Is tusa as fìrinniche na mise; oir dhìol thusa math dhòmhsa, ach dhìol mise olc dhutsa.

Agus fhreagair Daibhidh agus thubhairt e, Feuch, sleagh an rìgh: agus thigeadh aon de na h‑òganaich a nall agus gabhadh e i.

Agus, feuch, mar a mheasadh d’anam-sa gu mòr leamsa an‑diugh, mar sin biodh m’anam-sa air a mheas gu mòr leis an Tighearna, agus saoradh e mi as gach gàbhadh.

Agus dh’innseadh do Shaul gun do theich Daibhidh gu Gat; agus cha d’iarr e nas mò air a shon.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan