1 Samuel 26:20Am Bìoball Gàidhlig 1992A‑nis, matà, na tuiteadh m’fhuil a dh’ionnsaigh na talmhainn ann am fianais an Tighearna; oir thàinig rìgh Israeil a‑mach a dh’iarraidh deargainne, mar a ruaigeas fear cearc-choille anns na beanntan. Faic an caibideil |
Agus faic, O athair, eadhon faic iomall d’fhallainge am làimh: do bhrìgh nuair a gheàrr mi air falbh iomall d’fhallainge nach do mharbh mi thu, biodh fhios agad agus faic nach eil aon chuid olc no easaontas am làimh, agus nach do pheacaich mi ad aghaidh; gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a‑chum a ghlacadh.