Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 26:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’èirich Saul, agus chaidh e sìos gu fàsach Shiph, agus maille ris trì mìle fear taghte de Israel, a dh’iarraidh Dhaibhidh ann am fàsach Shiph.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus tha luchd-iarraidh m’anama a’ cur ribeachan romham, agus luchd-iarraidh m’uilc a’ labhairt nithean aimhleasach, agus a’ smaoineachadh ceilge air feadh an là uile.

An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus thubhairt e ri Daibhidh, Is tusa as fìrinniche na mise; oir dhìol thusa math dhòmhsa, ach dhìol mise olc dhutsa.

An sin ghabh Saul trì mìle fear taghte à Israel uile, agus chaidh e a dh’iarraidh Dhaibhidh agus a dhaoine air aghaidh creagan nam fiadh-ghobhar.

Agus thàinig e a dh’ionnsaigh mainnirean nan caorach làimh ris an t‑slighe, far an robh uaimh: agus chaidh Saul a‑steach a chòmhdachadh a chas: agus dh’fhan Daibhidh agus a dhaoine ann an taobhan na h‑uamha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan