Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 26:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

An sin thàinig Iùdah am fagas dha, agus thubhairt e, Och mo thighearna, leig led sheirbhiseach, guidheam ort, facal a labhairt ann an cluasan mo thighearna, agus na lasadh d’fhearg an aghaidh do sheirbhisich: oir is amhail thusa agus Phàraoh.

Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.

Oir èisdidh an rìgh, a shaoradh a bhanoglaich à làimh an duine, leis am b’àill mi fhèin agus mo mhac a sgrios le chèile a‑mach à oighreachd Dhè.

Agus thubhairt an rìgh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah? Leigibh leis mallachadh, a chionn gun dubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, Carson a rinn thu mar seo?

Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, agus ra sheirbhisich uile, Feuch, mo mhac, a thàinig a‑mach à m’innibh, ag iarraidh m’anama; agus cia mòr as mò a‑nis a dh’fhaodas am Beniàmineach seo? Leigibh leis, agus mallaicheadh e, oir dh’iarr an Tighearna air.

Is aon mise dhiubhsan a tha sìochail agus fìrinneach ann an Israel: ach tha thusa ag iarraidh baile, agus màthair ann an Israel, a sgrios, Carson a shluigeas tu suas oighreachd an Tighearna?

Uime sin thubhairt Daibhidh ris na Gibeonaich, Ciod a nì mi air ur son? Agus cia leis a nì mi an rèite, a‑chum gum beannaich sibh oighreachd an Tighearna?

Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò leis? Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt e, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: falbh a‑mach, agus dèan mar sin.

Agus sheas Sàtan suas an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh gu Israel àireamh.

Mo thruaighe mi gu bheil mi air chuairt ann am Mesech, gu bheil mi am chòmhnaidh ann am bùthan Chedair!

Gun tugadh e dhut a rèir do chridhe fhèin, agus gun coileanadh e do chomhairle uile!

Na dèan casaid air seirbhiseach ra mhaighistir, air eagal gum mallaich e thu, agus gum faighear ciontach thu.

An sin chì thu, agus sruthaidh tu thairis, agus nì do chridhe plosgartaich, agus nìthear farsaing e; a chionn gun tionndaidhear mòr-shluagh na fairge thugad, agus gun tig feachd nan cinneach ad ionnsaigh.

Agus cuiridh mi ur bailtean fàs, agus bheir mi lom-sgrìob air ur n‑ionadan naomha, agus cha ghabh mi fàile ur boltraich chùbhraidh.

Mar sin chan atharraich oighreachd chloinn Israeil o threubh gu treubh: oir dlùth-leanaidh gach duine de chloinn Israeil ri oighreachd treubh a athraichean.

Cha mhò a dh’atharraicheas an oighreachd o aon treubh gu treubh eile; ach dlùth-leanaidh gach duine de threubhan chloinn Israeil ra oighreachd fhèin.

Ach ma bhios doilgheas air do bhràthair airson bìdh, a‑nis chan eil thu a’ gluasad a rèir a’ ghràidh. Na sgrios led bhiadh esan airson an d’fhuiling Crìosd bàs.

B’fheàrr leam gum biodh iadsan a tha a’ cur mì‑shuaimhneis oirbh eadhon air an gearradh as uaibh.

Chan èisd thu ri briathran an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chì aisling: oir tha an Tighearna ur Dia gur dearbhadh, a dh’fheuchainn a bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna ur Dia le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.

Rinn Alecsander an ceàrd-umha iomadh olc orm: gun tugadh an Tighearna dha a rèir a ghnìomharan:

Agus air an là màireach thàinig an droch spiorad o Dhia air Saul, agus rinn e fàidheadaireachd ann am meadhon an taighe; agus chluich Daibhidh le a làimh, mar air uairean eile: agus bha sleagh ann an làimh Shauil.

Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Carson a tha thu ag èisdeachd ri briathran dhaoine, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ag iarraidh do chron?

Agus thuit i aig a chasan, agus thubhairt i, Ormsa, eadhon ormsa, mo thighearna, biodh an cionta seo, agus labhradh, guidheam ort, do bhanoglach ann ad èisdeachd, agus cluinn briathran do bhanoglaich.

Agus thubhairt Daibhidh na chridhe, A‑nis tuitidh mi là‑eigin an làimh Shauil: chan eil nì air bith as fheàrr dhomh na mi a dhol as gu luath do dhùthaich nam Philisteach, a‑chum gun leig Saul dheth mise iarraidh nas mò ann an crìch air bith de Israeil, agus gun tèid mi as o a làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan