Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 26:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’aithnich Saul guth Dhaibhidh, agus thubhairt e, An e seo do ghuth-sa, a mhic, a Dhaibhidh? Agus thubhairt Daibhidh, Is e mo ghuth-sa a tha ann, mo thighearna, a rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus dh’aithnich e e, agus thubhairt e, Còta mo mhic; chuir droch bhèist as dha: tha Iòseph gun teagamh air a reubadh as a chèile.

Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na briathran sin a labhairt ri Saul, an sin thubhairt Saul, An e seo do ghuth, a mhic, a Dhaibhidh? Agus thog Saul suas a ghuth, agus ghuil e.

Agus thubhairt e ri Daibhidh, Is tusa as fìrinniche na mise; oir dhìol thusa math dhòmhsa, ach dhìol mise olc dhutsa.

Agus dh’èirich Daibhidh suas an dèidh sin, agus chaidh e a‑mach as an uaimh, agus ghlaodh e an dèidh Shauil, ag ràdh, Mo thighearna, a rìgh. Agus nuair a dh’amhairc Saul na dhèidh, chrom Daibhidh e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan