1 Samuel 26:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Chan eil an nì seo math a rinn thu: mar as beò an Tighearna, tha sibh a’ toilltinn a’ bhàis, do bhrìgh nach do ghlèidh sibh ur maighistir, aon ungte an Tighearna: agus a‑nis faic càit a bheil sleagh an rìgh, agus an soitheach-uisge, a bha aig a cheann-adhairt. Faic an caibideil |
Agus ri Abiatar an sagart thubhairt an rìgh, Imich gu Anatot, a dh’ionnsaigh d’fhearainn fhèin, oir tha thu a’ toilltinn a’ bhàis: ach an‑diugh cha mharbh mi thu, a chionn gun do ghiùlain thu àirc an Tighearna Iehòbhah am fianais Dhaibhidh m’athair, agus a chionn gun d’fhuiling thu àmhghar anns gach nì anns an d’fhuiling m’athair àmhghar.