Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 26:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Abner, Nach fear treun thusa, agus cò as cosmhail riut ann an Israel? Carson matà nach do choimhead thu do thighearna, an rìgh, oir thàinig aon den t‑sluagh a‑steach a mharbhadh an rìgh, do thighearna?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an rìgh ra sheirbhisich, Nach eil fhios agaibh gun do thuit uachdaran agus duine mòr an‑diugh ann an Israel?

An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean.

Agus thàinig e a‑chum nan deisciobal, agus fhuair e nan cadal iad, agus thubhairt e ri Peadar, An ann mar sin, nach b’urrainn sibh faire a dhèanamh aon uair a‑mhàin maille riumsa?

Agus ghlaodh Daibhidh ris an t‑sluagh, agus ri Abner mac Neir, ag ràdh, Nach freagair thu, Abneir? Agus fhreagair Abner, agus thubhairt e, Cò thusa, a tha a’ glaodhaich ris an rìgh?

Chan eil an nì seo math a rinn thu: mar as beò an Tighearna, tha sibh a’ toilltinn a’ bhàis, do bhrìgh nach do ghlèidh sibh ur maighistir, aon ungte an Tighearna: agus a‑nis faic càit a bheil sleagh an rìgh, agus an soitheach-uisge, a bha aig a cheann-adhairt.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan