Agus nuair a dh’innis iad seo do Iotam, chaidh e agus sheas e air mullach sliabh Gheridsim, agus thog e suas a ghuth, agus ghlaodh e, agus thubhairt e riu, Eisdibh riumsa, sibhse a mhaithean Shecheim, a‑chum gun èisd Dia ribhse.
Agus dh’èirich Daibhidh suas an dèidh sin, agus chaidh e a‑mach as an uaimh, agus ghlaodh e an dèidh Shauil, ag ràdh, Mo thighearna, a rìgh. Agus nuair a dh’amhairc Saul na dhèidh, chrom Daibhidh e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd.
Agus ghabh Daibhidh an t‑sleagh agus an soitheach-uisge o cheann-adhairt Shauil, agus dh’imich iad romhpa, agus cha robh neach ann a chunnaic sin, no aig an robh fios air, no a mhosgail; oir bha iad uile nan cadal, do bhrìgh gun do thuit cadal trom on Tighearna orra.
Agus ghlaodh Daibhidh ris an t‑sluagh, agus ri Abner mac Neir, ag ràdh, Nach freagair thu, Abneir? Agus fhreagair Abner, agus thubhairt e, Cò thusa, a tha a’ glaodhaich ris an rìgh?