Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 26:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nar leigeadh an Tighearna gun sìninn-sa a‑mach mo làmh an aghaidh aon ungte an Tighearna: ach a‑nis gabh, guidheam ort, an t‑sleagh a tha aig a cheann-adhairt agus an soitheach uisge, agus bitheamaid ag imeachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ris, Cionnas nach robh eagal ort do làmh a shìneadh a‑mach a mharbhadh aon ungte an Tighearna?

Agus thubhairt Daibhidh ris, Biodh d’fhuil air do cheann fhèin, oir thug do bheul fianais ad aghaidh, ag ràdh, Mharbh mi aon ungte an Tighearna.

Agus thubhairt Daibhidh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah, gum biodh sibh an‑diugh nur n‑eascairdean dhomh? An cuirear an‑diugh duine sam bith gu bàs ann an Israel? Oir nach eil fhios agam gu bheil mi an‑diugh am rìgh os cionn Israeil?

A‑thaobh gnìomharan dhaoine, le facal do bhilean sheachain mi ceuman a’ mhillteir.

Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine.

A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.

Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd:

Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.

Gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa, agus gun dìoladh an Tighearna mise ort: ach cha bhi mo làmh-sa ort.

Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, an là mun dubhairt an Tighearna riut, Feuch, bheir mi thairis do nàmhaid dod làimh, a‑chum gun dèan thu ris mar as àill leat. An sin dh’èirich Daibhidh, agus gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil os ìosal.

Agus thubhairt e ra dhaoine, Nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa an nì seo rim thighearna, aon ungte an Tighearna, mo làmh a shìneadh a‑mach na aghaidh, o is e aon ungte an Tighearna e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan