1 Samuel 26:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Thubhairt Daibhidh mar an ceudna, Mar as beò an Tighearna, buailidh an Tighearna e, no thig a là anns am faigh e bàs, no thèid e sìos don chath agus tuitidh e. Faic an caibideil |
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, tha do làithean a’ dlùthachadh anns am feum thu bàs fhaghail: gairm air Iosua, agus nochdaibh sibh fhèin ann am pàillean a’ choitheanail, a‑chum is gun toir mise àithne dha. Agus chaidh Maois agus Iosua, agus nochd iad iad fhèin ann am pàillean a’ choitheanail.
Agus nuair a chuala Daibhidh gun d’fhuair Nàbel bàs, thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna a thagair cùis mo mhaslaidh o làimh Nàbeil agus a chùm a sheirbhiseach o olc: oir thionndaidh an Tighearna aingidheachd Nàbeil air a cheann fhèin. Agus chuir Daibhidh teachdairean uaithe, agus labhair e ri Abigail, a‑chum a gabhail dha fhèin na mnaoi.
An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a airm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun sàth iad tromham, agus gun toir iad masladh dhomh. Ach cha b’àill le fear-iomchair a airm sin a dhèanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air.