Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 25:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig òganaich Dhaibhidh, labhair iad ri Nàbel a rèir nam briathran sin uile ann an ainm Dhaibhidh, agus bha iad nan tosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus stad an àirc anns an t‑seachdamh mìos, air an t‑seachdamh-là‑deug den mhìos, air beanntan Ararait.

Agus nuair a chunnaic mic nam fàidh e, a bha ann an Iericho fa chomhair, thubhairt iad, Dh’fhan spiorad Eliah air Elisa. Agus thàinig iad na choinneamh, agus chrom iad iad fhèin dha gu làr.

Uime sin thubhairt e ri Iùdah, Togamaid na bailtean seo, agus dèanamaid mun cuairt orra ballachan, le tùir, geatachan, agus crainn, nuair a tha an tìr fhathast romhainn: oir dh’iarr sinne an Tighearna ar Dia; dh’iarr sinn e, agus thug e fois dhuinn air gach taobh. Uime sin thog e iad, agus shoirbhich leo.

Agus fhreagair Nàbel seirbhisich Dhaibhidh, agus thubhairt e, Cò e Daibhidh, agus cò e mac Iese? Is lìonmhor seirbhisich anns na làithean seo a tha a’ briseadh air falbh, gach duine dhiubh, o a mhaighistir.

Feòraich ded òganaich, agus innsidh iad dhut: faigheadh, matà, na h‑òganaich deagh-ghean ad shùilean, oir air là math thàinig sinn: thoir, guidheam ort, dod sheirbhisich agus dod mhac Daibhidh ge bè nì a thig a dh’ionnsaigh do làimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan