Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 25:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Daibhidh uaithe deichnear òganach; agus thubhairt Daibhidh ris na h‑òganaich, Gabhaibh suas gu Carmel, agus rachaibh a dh’ionnsaigh Nàbeil, agus cuiribh fàilte air am ainm-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Sìth gu robh dhuibh, na biodh eagal oirbh: thug ur Dia fhèin agus Dia ur n‑athar ionmhas dhuibh nur saic: fhuair mise ur n‑airgead. Agus thug e Simeon a‑mach dan ionnsaigh.

An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd-cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne.

Agus giùlain na deich mulchagan càise seo a dh’ionnsaigh ceannard am mìle-san, agus seall cionnas a tha do bhràithrean, agus gabh an geall.

Agus dh’fhàg Daibhidh an t‑uidheam a chuir e dheth ann an làimh fear-gleidhidh an uidheim, agus ruith e a dh’ionnsaigh na h‑armailt, agus thàinig e, agus chuir e fàilte air a bhràithrean.

Agus chuala Daibhidh anns an fhàsach gu robh Nàbel a’ lomairt a chaorach.

Agus mar seo their sibh, Slàn gu robh thu: agus sìth gu robh dhut fhèin, agus sìth dod thaigh, agus sìth do gach nì a tha agad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan