An gabh mise matà m’aran, agus m’uisge, agus m’fheòil a mharbh mi airson mo luchd-lomairt, agus an tabhair mi e do dhaoine nach aithne dhomh cia as a tha iad?
Mar dhream nach aithnichear, gidheadh air a bheil deagh aithne; mar dhream a tha a’ faghail a’ bhàis, gidheadh feuch, tha sinn beò; mar dhream a tha air an smachdachadh, agus gun a bhith air am marbhadh;
Agus thàinig e gu fir Shucoit, agus thubhairt e, Feuchaibh, Sèba agus Salmuna a thilg sibh orm, ag ràdh, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ad làimh-sa, gun tugamaid aran dod dhaoine a tha sgìth?
A‑nis b’e ainm an duine Nàbel, agus ainm a mhnà Abigail; agus bha i na mnaoi aig an robh deagh-thuigse, agus maiseach na dealbh; ach bha an duine iargalta agus olc na ghnìomharan; agus bha e de thaigh Chàleib.
Agus a‑nis chuala mi gu bheil luchd-lomairt chaorach agad: a‑nis do bhuachaillean-sa, a bha maille rinn, cha do rinn sinn cron orra, cha mhò a dh’ionndrainneadh nì sam bith leo rè na h‑aimsir a bha iad ann an Carmel.