Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 25:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuair Samuel bàs: agus chruinnich na h‑Israelich uile an ceann a chèile, agus rinn iad caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e na thaigh ann an Ramah. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e sìos gu fàsach Pharain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus na Horich nan sliabh Seir, gu ruig El‑paran, a tha làimh ris an fhàsach.

Agus ghabh e còmhnaidh ann am fàsach Phàrain: agus ghabh a mhàthair bean dha à tìr na h‑Eiphit.

Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.

Agus nuair a chunnaic luchd-àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, am bròn ann an ùrlar Ataid, thubhairt iad, Is doilgheasach am bròn seo do na h‑Eiphitich; uime sin thugadh Abel-misraim mar ainm air, a tha an taobh thall de Iòrdan.

Agus chaidh Benaiah mac Iehoiada suas, agus bhuail e air, agus mharbh e e: agus dh’adhlaiceadh e na thaigh fhèin anns an fhàsach.

Agus chaidil Manaseh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an lios a thaighe fhèin, ann an lios Udsa: agus rìghich Amon a mhac na àite.

Agus chaidil Manaseh maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e na thaigh fhèin: agus rìghich a mhac Amon na àite.

Mo thruaighe mi gu bheil mi air chuairt ann am Mesech, gu bheil mi am chòmhnaidh ann am bùthan Chedair!

Tha uile rìghrean nan cinneach, an t‑iomlan dhiubh, a’ laighe sìos ann an greadhnachas, gach aon na fhàrdaich fhèin.

Ur n‑athraichean, càit a bheil iad? Agus na fàidhean, am mair iad beò am feasd?

Agus ghabh clann Israeil an turasan à fàsach Shinài; agus stad an neul ann am fàsach Phàrain.

Agus na dhèidh sin dh’imich an sluagh o Haserot, agus champaich iad ann am fàsach Phàrain.

Agus dh’imich iad, agus thàinig iad gu Maois, agus gu Aaron, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, gu fàsach Phàrain, gu Cadeis; agus thug iad leo fios dan ionnsaigh, agus a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh uile, agus dh’fheuch iad dhaibh toradh na tìre.

Agus chuir Maois iad o fhàsach Phàrain, a rèir àithne an Tighearna: bu cheannardan na daoine sin uile air cloinn Israeil.

Agus nuair a chunnaic an co‑chruinneachadh uile gun d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn airson Aaroin deich làithean ar fhichead, eadhon taigh Israeil uile.

Agus ghiùlain daoine diadhaidh Stèphen a‑chum adhlacaidh, agus rinn iad caoidh mhòr air a shon.

Agus ghuil clann Israeil airson Mhaois ann an còmhnardan Mhòaib deich làithean ar fhichead: mar seo chrìochnaicheadh làithean a’ ghuil agus a’ bhròin airson Mhaois.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre.

A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.

Agus bha a theachd air ais gu Ramah, oir an sin bha a thaigh; agus an sin thug e breith air Israel, agus an sin thog e altair don Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan