Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 24:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Carson a tha thu ag èisdeachd ri briathran dhaoine, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ag iarraidh do chron?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

An tì gu diamhair a bheir beum da choimhearsnach, esan gearraidh mi as; an tì aig a bheil sealladh àrd agus cridhe uaibhreach, esan chan fhuiling mi.

Nuair a thilgear sìos am britheamhan ann an ionadan clachach, èisdidh iad rim bhriathran, oir tha iad milis.

Togaidh an duine fiar aimhreit; agus dealaichidh fear na cagarsaich càirdean sònraichte.

Bheir an droch dhuine an aire do bhilean na h‑euceirt; èisdidh am breugaire ri teangaidh an aimhleis.

Tha briathran fear na cagarsaich mar lotan, agus thèid iad sìos gu ionadan ìochdarach a’ chuim.

Cuiridh a’ ghaoth a tuath air falbh an t‑uisge; mar sin cuiridh a’ ghnùis fheargach air falbh teanga a’ chùl-chàinidh.

Fuathaichidh an teanga bhreugach iadsan don dèan i dochair; agus obraichidh am beul miodalach sgrios.

Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh.

Os bàrr thubhairt Ieremiah ri rìgh Sedeciah, Ciod an cron a rinn mise ann ad aghaidh-sa, no an aghaidh do sheirbhiseach, no an aghaidh an t‑sluaigh seo, gun do chuir sibh mi ann am prìosan?

Cha tèid thu mun cuairt mar fhear-tuaileis am measg do shluaigh; cha mhò a sheasas tu an aghaidh fuil do choimhearsnaich: Is mise an Tighearna.

Agus is teine an teanga, saoghal de aingidheachd: mar sin tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, ionnas gun salaich i an corp gu h‑iomlan, agus gun las i cùrsa nàdair; agus i fhèin air a lasadh o ifrinn.

Agus theich Daibhidh o Naiot ann an Ramah, agus thàinig e, agus thubhairt e am fianais Ionatain, Ciod a rinn mi? Ciod e m’euceart, agus ciod e mo pheacadh am fianais d’athar, gu bheil e ag iarraidh m’anama?

Agus cho luath is a dh’fhalbh an t‑òganach, dh’èirich Daibhidh à àite mu dheas, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus chrom e e fhèin trì uairean: agus phòg iad a chèile, agus ghuil iad le chèile; ach ghuil Daibhidh na bu mhò.

Feuch, air an là‑an‑diugh chunnaic do shùilean cionnas a thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh anns an uaimh: agus dh’iarr cuid orm do mharbhadh, ach chaomhain mo shùil thu, agus thubhairt mi, Cha chuir mi mo làmh a‑mach an aghaidh mo thighearna; oir is e aon ungte an Tighearna e.

Agus dh’èirich Daibhidh suas an dèidh sin, agus chaidh e a‑mach as an uaimh, agus ghlaodh e an dèidh Shauil, ag ràdh, Mo thighearna, a rìgh. Agus nuair a dh’amhairc Saul na dhèidh, chrom Daibhidh e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd.

Agus thubhairt e, Carson a tha mo thighearna air tòir a’ sheirbhisich, oir ciod a rinn mi, no ciod an t‑olc a tha ann am làimh?

A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan