Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 24:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaisg Daibhidh a dhaoine leis na briathran sin, agus cha do leig e leo èirigh an aghaidh Shauil. Ach dh’èirich Saul suas as an uaimh, agus dh’imich e air a shlighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ris, Cionnas nach robh eagal ort do làmh a shìneadh a‑mach a mharbhadh aon ungte an Tighearna?

Ma dh’ìoc mi olc don fhear a bha an sìth rium, no ma rinn mi fòirneart airsan a bha na eascaraid dhomh gun adhbhar,

Ach tha mise ag ràdh ribh, Biodh gràdh agaibh dur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, dèanaibh math do na daoine air am beag sibh, agus dèanaibh ùrnaigh airson na muinntir a tha a’ buntainn ribh gu naimhdeil, agus a tha gur geur-leanmhainn:

Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.

Agus thubhairt e ra dhaoine, Nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa an nì seo rim thighearna, aon ungte an Tighearna, mo làmh a shìneadh a‑mach na aghaidh, o is e aon ungte an Tighearna e.

Agus dh’èirich Daibhidh suas an dèidh sin, agus chaidh e a‑mach as an uaimh, agus ghlaodh e an dèidh Shauil, ag ràdh, Mo thighearna, a rìgh. Agus nuair a dh’amhairc Saul na dhèidh, chrom Daibhidh e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd.

Agus beannaichte gu robh do chomhairle, agus beannaichte gu robh thu fhèin, a chùm mise an‑diugh o theachd a dhòrtadh fala, agus o mi fhèin a dhìoladh lem làimh fhèin.

Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh-sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, Na marbh e; oir cò a shìneas a‑mach a làmh an aghaidh aon ungte an Tighearna, agus a bhios neo-chiontach?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan