1 Samuel 24:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus na dhèidh sin bhuail cridhe Daibhidh e, a chionn gun do gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil. Faic an caibideil |
A chionn gu robh do chridhe tiom, agus gun d’irislich thu thu fhèin an làthair an Tighearna, nuair a chuala tu ciod a labhair mise an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, gum biodh iad nam fàsach, agus nam mallachadh, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am fhianais; chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.