Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 24:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, an là mun dubhairt an Tighearna riut, Feuch, bheir mi thairis do nàmhaid dod làimh, a‑chum gun dèan thu ris mar as àill leat. An sin dh’èirich Daibhidh, agus gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil os ìosal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thug iad ceann Isboseit a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus thubhairt iad ris an rìgh, Feuch, ceann Isboseit mhic Shauil do nàmhaid, a dh’iarr d’anam; agus thug an Tighearna dom thighearna, an rìgh, dìoghaltas air an là‑an‑diugh air Saul agus air a shliochd.

Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil!

Lem ghuth ghlaodh mi ris an Tighearna; lem ghuth dh’aslaich mi air an Tighearna.

Dèan tròcair orm, a Dhè, dèan tròcair orm, oir annadsa tha m’anam a’ cur a dhòigh, agus fo sgàil do sgiathan gabhaidh mi mo thèarmann gus an tèid na h‑uilc seo uile thairis.

Agus mura do laigh duine am plaid, ach gun tug Dia thairis ga làimh e, an sin sònraichidh mise àite dhut don teich e.

Dh’imich Daibhidh air an adhbhar sin as a sin, agus chaidh e as gu uaimh Adulaim: agus nuair a chuala a bhràithrean agus taigh a athar uile e, chaidh iad sìos an sin da ionnsaigh.

Agus thubhairt e ris, Na biodh eagal ort; oir chan fhaigh làmh Shauil m’athair-sa thu, agus rìoghaichidh tu os cionn Israeil, agus is mise as fhaisge a bhios dhut; agus cuideachd tha fhios aig m’athair Saul air sin.

Agus dh’innseadh do Shaul gun tàinig Daibhidh gu Ceilah; agus thubhairt Saul, Thug Dia thairis dom làimh e: oir dhruideadh a‑steach e le dol a‑steach do bhaile gheatachan agus chrann.

Feuch, air an là‑an‑diugh chunnaic do shùilean cionnas a thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh anns an uaimh: agus dh’iarr cuid orm do mharbhadh, ach chaomhain mo shùil thu, agus thubhairt mi, Cha chuir mi mo làmh a‑mach an aghaidh mo thighearna; oir is e aon ungte an Tighearna e.

Agus nochd thu an‑diugh cionnas a bhuin thu gu math rium; do bhrìgh, nuair a thug an Tighearna thairis mi dod làimh, nach do mharbh thu mi.

Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh-sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan