Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 24:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin ghabh Saul trì mìle fear taghte à Israel uile, agus chaidh e a dh’iarraidh Dhaibhidh agus a dhaoine air aghaidh creagan nam fiadh-ghobhar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Is e an Tighearna mo charraig, agus mo dhaingneach, agus mo shlànaighear.

An aithne dhutsa an t‑àm anns am beir gobhair fhiadhaich na creige? An toir thu fa‑near cuin a bheireas na h‑èildean laoigh?

Tha na beanntan àrda nan tèarmann do na gobhair fhiadhaich, na creagan do na coineanan.

Nuair a thilgear sìos am britheamhan ann an ionadan clachach, èisdidh iad rim bhriathran, oir tha iad milis.

Bidh an droch dhuine ri faire air an fhìrean, agus iarraidh e a mharbhadh.

Agus tha luchd-iarraidh m’anama a’ cur ribeachan romham, agus luchd-iarraidh m’uilc a’ labhairt nithean aimhleasach, agus a’ smaoineachadh ceilge air feadh an là uile.

An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Uime sin thill Saul o dhol air tòir Dhaibhidh, agus chaidh e an aghaidh nam Philisteach: air an adhbhar sin thug iad Selah-hamah-lecot mar ainm air an àite sin.

An sin dh’èirich Saul, agus chaidh e sìos gu fàsach Shiph, agus maille ris trì mìle fear taghte de Israel, a dh’iarraidh Dhaibhidh ann am fàsach Shiph.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan