Agus thubhairt e ra mhàthair, Am mìle agus an ceud secel airgid, a thugadh air falbh uat, mun do mhallaich thu, agus mun do labhair thu cuideachd ann am chluasan-sa, feuch, tha an t‑airgead agamsa; ghabh mise e. Agus thubhairt a mhàthair, Guma beannaichte thusa on Tighearna, a mhic.
Agus thubhairt e ris, Na biodh eagal ort; oir chan fhaigh làmh Shauil m’athair-sa thu, agus rìoghaichidh tu os cionn Israeil, agus is mise as fhaisge a bhios dhut; agus cuideachd tha fhios aig m’athair Saul air sin.
Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh-sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna.
Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Beannaichte gu robh thusa, a mhic, a Dhaibhidh: an dà chuid nì thu nithean mòra, agus mar an ceudna bheir thu gu cinnteach buaidh. Agus dh’imich Daibhidh air a shlighe, agus thill Saul da àite fhèin.