An sin thubhairt Daibhidh, An toir luchd-àiteachaidh Cheilah mise agus mo dhaoine thairis do làimh Shauil? Agus thubhairt an Tighearna, Bheir iad thairis thu.
Agus dh’innseadh do Shaul gun tàinig Daibhidh gu Ceilah; agus thubhairt Saul, Thug Dia thairis dom làimh e: oir dhruideadh a‑steach e le dol a‑steach do bhaile gheatachan agus chrann.
Feuch, air an là‑an‑diugh chunnaic do shùilean cionnas a thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh anns an uaimh: agus dh’iarr cuid orm do mharbhadh, ach chaomhain mo shùil thu, agus thubhairt mi, Cha chuir mi mo làmh a‑mach an aghaidh mo thighearna; oir is e aon ungte an Tighearna e.
Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh-sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna.
An sin thubhairt Abisai ri Daibhidh, Thug Dia thairis do nàmhaid an‑diugh dod làimh: a‑nis uime sin, leig leam a bhualadh, guidheam ort, leis an t‑sleagh a dh’ionnsaigh na talmhainn aon uair, agus cha bhuail mi e an dara uair.