Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 24:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus faic, O athair, eadhon faic iomall d’fhallainge am làimh: do bhrìgh nuair a gheàrr mi air falbh iomall d’fhallainge nach do mharbh mi thu, biodh fhios agad agus faic nach eil aon chuid olc no easaontas am làimh, agus nach do pheacaich mi ad aghaidh; gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a‑chum a ghlacadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ris, Cionnas nach robh eagal ort do làmh a shìneadh a‑mach a mharbhadh aon ungte an Tighearna?

Agus thàinig a sheirbhisich am fagas, agus labhair iad ris, agus thubhairt iad, O athair, nam biodh am fàidh air iarraidh ort nì mòr a dhèanamh, nach dèanadh tu e? Nach ro‑mhò na sin, matà, nuair a tha e ag ràdh riut, Nigh agus bi glan?

Oir tha e a’ meudachadh; mar leòmhann garg tha thu a’ sealg orm: agus a‑rìs tha thu gad nochdadh fhèin iongantach orm.

Bha uachdarain an tòir orm gun adhbhar, ach rod fhacal-sa tha eagal air mo chridhe.

Na daingnichear fear-labhairt uilc air an talamh; sealgaidh olc air fear an fhòirneirt a‑chum a sgrios.

Oir gun adhbhar dh’fhalaich iad air mo shon an lìon; sloc gun adhbhar chladhaich iad airson m’anama.

Oir feuch, tha iad a’ feitheamh nam fàth an aghaidh m’anama; tha daoine cumhachdach air cruinneachadh am aghaidh; chan ann airson mo lochd-sa, no airson mo pheacaidh, a Thighearna.

Geur-leanadh an nàmhaid m’anam, agus glacadh e e, agus saltradh e mo bheatha gu làr, agus leagadh e mo chliù anns an duslach. Selah.

Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.

Lorgaich iad ar ceuman, air chor is nach faodamaid imeachd nar sràidean: tha ar crìoch dlùth, tha ar làithean air an coileanadh; seadh, thàinig ar crìoch.

Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is truagh do na mnathan a tha a’ fuaigheal chluasag ris na h‑uile asgaltan, agus a’ cur bhrèidean air ceann gach aoise, a dhèanamh seilg air anaman. An dèan sibh sealg air anaman mo shluaigh-sa, agus an coimhead sibh beò anaman na muinntir a tha a’ teachd thugaibh?

Bhàsaich an t‑ionracan as an fhearann, agus chan eil neach treibhdhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad, gach aon, a’ sealg a bhràthar le lìon.

Ach rinneadh seo a‑chum gun coileante am facal a tha sgrìobhte nan lagh fhèin, Dh’fhuathaich iad mi gun adhbhar.

Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.

Uime sin dh’èirich Daibhidh, agus dh’imich e fhèin agus a dhaoine, agus mharbh e de na Philistich dà cheud fear; agus thug Daibhidh leis an ro‑chraicnean, agus thug iad nan làn àireamh iad don rìgh, a‑chum gum biodh e na chliamhainn aig an rìgh: agus thug Saul dha Michal a nighean na mnaoi.

Agus dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach ann an daingnichean làidir, agus dh’fhan e ann an sliabh am fàsach Shiph: agus dh’iarr Saul e gach aon là, ach cha tug Dia thairis da làimh e.

Faicibh matà, agus biodh fios agaibh air gach àite-falaich anns a bheil e ga fhalach fhèin, agus thigibh am ionnsaigh a‑rìs le fios cinnteach, agus thèid mise maille ribh: agus an sin, ma bhios e anns an tìr, rannsaichidh mise a‑mach e air feadh uile mhìltean Iùdah.

Maith, guidheam ort, cionta do bhanoglaich; oir nì an Tighearna gu cinnteach taigh seasmhach dom thighearna, do bhrìgh gu bheil mo thighearna a’ cur chathan an Tighearna, agus nach d’fhuaireadh olc annad o thùs do làithean.

Agus thubhairt e, Carson a tha mo thighearna air tòir a’ sheirbhisich, oir ciod a rinn mi, no ciod an t‑olc a tha ann am làimh?

A‑nis, matà, na tuiteadh m’fhuil a dh’ionnsaigh na talmhainn ann am fianais an Tighearna; oir thàinig rìgh Israeil a‑mach a dh’iarraidh deargainne, mar a ruaigeas fear cearc-choille anns na beanntan.

Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh-sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan