Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 24:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha Saul air tilleadh o leantainn nam Philisteach, dh’innseadh dha, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh ann am fàsach En‑gedi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Buin an droch dhuine à làthair an rìgh, agus daingnichear ann am fìreantachd a rìgh-chathair.

Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh.

Annadsa tha luchd-aithris sgeòil a dhòrtadh fala: agus annadsa tha iad ag ithe air na slèibhtean: ann ad mheadhon tha iad a’ cur an gnìomh neòghlaine.

Agus tàrlaidh gun seas na h‑iasgairean oirre, o Engedi gu ruig Eneglaim; bidh iad nan ionad a sgaoileadh a‑mach lìon, bidh an iasg a rèir an seòrsa, mar iasg na fairge mòire, ro‑lìonmhor.

Len aingidheachd tha iad a’ dèanamh an rìgh ait, agus nan uachdaran lem breugan.

Agus Nibsan, agus baile an t‑salainn, agus En‑gedi: sia bailtean mòra lem bailtean beaga.

An sin chaidh na Siphich suas a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin maille rinne ann an daingnichean anns a’ choille, ann an sliabh Hachilah, a tha air an taobh deas de Iesimon?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan