Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 23:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha fhios aig Daibhidh gu robh Saul gu diamhair a’ dealbhadh uilc na aghaidh; agus thubhairt e ri Abiatar an sagart, Thoir an seo an èphod.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus ri Abiatar an sagart thubhairt an rìgh, Imich gu Anatot, a dh’ionnsaigh d’fhearainn fhèin, oir tha thu a’ toilltinn a’ bhàis: ach an‑diugh cha mharbh mi thu, a chionn gun do ghiùlain thu àirc an Tighearna Iehòbhah am fianais Dhaibhidh m’athair, agus a chionn gun d’fhuiling thu àmhghar anns gach nì anns an d’fhuiling m’athair àmhghar.

Glaodh riumsa, agus freagraidh mi thu, agus feuchaidh mi dhut nithean mòra agus cumhachdach, air nach eil thu eòlach.

Oir fanaidh clann Israeil mòran làithean gun rìgh, agus gun phrionnsa, agus gun ìobairt, agus gun ìomhaigh, agus gun èphod, agus gun teraphim.

Agus seasaidh e an làthair Eleàsair an sagart, a dh’iarras comhairle air a shon, a rèir breitheanas na h‑Urim an làthair an Tighearna: air a fhacal-san thèid iad a‑mach, agus air a fhacal thig iad a‑steach, e fhèin agus clann Israeil uile maille ris, eadhon an co‑chruinneachadh uile.

Nuair a thuig iadsan seo, theich iad gu Listra agus Derbe, bailtean de Licaonia, agus a‑chum na dùthcha mun cuairt:

Ach thugadh fios do Shaul air am foill: agus bha faire aca air na geatachan a là agus a dh’oidhche a‑chum a mharbhadh.

Uime sin dh’fhiosraich iad fhathast den Tighearna, an tigeadh an duine fhathast an sin; agus fhreagair an Tighearna, Feuch, dh’fhalaich e e fhèin am measg na h‑àirneis.

Agus thubhairt Saul ri Ahiah, Thoir an seo àirc Dhè; oir bha àirc Dhè anns an àm sin maille ri cloinn Israeil.

Agus chaidh aon de mhic Ehimeleich mhic Ahituib as, dom b’ainm Abiatar, agus theich e an dèidh Dhaibhidh.

Agus thubhairt Daibhidh, A Thighearna Dhè Israeil, chuala do sheirbhiseach gu cinnteach gu bheil Saul ag iarraidh teachd gu Ceilah, a sgrios a’ bhaile air mo shon-sa.

(A‑nis nuair a theich Abiatar mac Ahimeleich a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Ceilah, chaidh e sìos le èphod na làimh.)

Agus ghairm Saul an sluagh uile a‑chum cogaidh, a dhol sìos gu Ceilah a chuartachadh Dhaibhidh agus a dhaoine.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abiatar an sagart, mac Ahimeleich, Thoir am ionnsaigh an seo, guidheam ort, an èphod; agus thug Abiatar an èphod an sin a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan