Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 23:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine gu Ceilah, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus thug e leis an sprèidh, agus bhuail e iad le àr mòr; mar sin shaor Daibhidh luchd-àiteachaidh Cheilah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Oir chrioslaich thu mi le neart a‑chum catha: leag thu iadsan a dh’èirich suas am aghaidh sìos fodham.

Lot mi iad, agus cha bhi e an comas dhaibh èirigh; thuit iad fom chasan.

Agus tha iadsan a dhìolas olc airson maith a’ cur am aghaidh, a chionn gu bheil mi a’ leantainn a’ mhaith.

Agus bha cogadh a‑rìs ann: agus chaidh Daibhidh a‑mach, agus chog e ris na Philistich, agus bhuail e iad le àr mòr; agus theich iad roimhe.

An sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs den Tighearna. Agus fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, Eirich, falbh sìos gu Ceilah; oir bheir mise na Philistich thairis dod làimh.

(A‑nis nuair a theich Abiatar mac Ahimeleich a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Ceilah, chaidh e sìos le èphod na làimh.)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan