An sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs den Tighearna. Agus fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, Eirich, falbh sìos gu Ceilah; oir bheir mise na Philistich thairis dod làimh.
Agus na dhèidh seo dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas gu aon de bhailtean Iùdah? Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh suas. Agus thubhairt Daibhidh, Càit an tèid mi suas? Agus thubhairt esan, Gu Hebron.
Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a dh’ionnsaigh nam Philisteach? An toir thu thairis iad dom làimh? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Gabh suas; oir gu cinnteach bheir mi thairis na Philistich dod làimh.
Agus dh’fhiosraich Daibhidh de Dhia, ag ràdh, An tèid mi suas an aghaidh nam Philisteach, agus an toir thu thairis iad am làimh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Gabh suas, agus bheir mi thairis iad ad làimh.
Agus thubhairt Gideon ri Dia, Na biodh do chorraich teth am aghaidh, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo: leig dhomh dearbhadh, guidheam ort, an uair seo a‑mhàin leis an lomradh; biodh a‑nis tiormachd air an lomradh a‑mhàin, agus air an talamh uile biodh drùchd.
Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Leis an trì cheud fear seo a dh’imlich, saoraidh mise sibh, agus bheir mi na Midianaich thairis dod làimh: agus rachadh am mòr-shluagh uile, gach duine da àite fhèin.
Uime sin dh’fhiosraich iad fhathast den Tighearna, an tigeadh an duine fhathast an sin; agus fhreagair an Tighearna, Feuch, dh’fhalaich e e fhèin am measg na h‑àirneis.
Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mise, agus am buail mi na Philistich sin? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Falbh, agus buail na Philistich, agus saor Ceilah.
Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, tha eagal oirnne an seo ann an Iùdah; cia mò gu mòr, matà, ma thèid sinn gu Ceilah an aghaidh armailtean nam Philisteach?
Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine gu Ceilah, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus thug e leis an sprèidh, agus bhuail e iad le àr mòr; mar sin shaor Daibhidh luchd-àiteachaidh Cheilah.
Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan.