Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 23:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, tha eagal oirnne an seo ann an Iùdah; cia mò gu mòr, matà, ma thèid sinn gu Ceilah an aghaidh armailtean nam Philisteach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

As an Tighearna earbaidh mi. Carson a their sibh rim anam, Teich as mar eun gud shliabh?

Ma ruith thu leis na coisichean, agus gun do sgìthich iad thu, cionnas idir a nì thu strì ri eich? Agus ann am fearann sìth, ged robh agad dòchas, gidheadh ciod a nì thu ann an onfhadh Iòrdain?

Agus chunnaic Daibhidh gu robh Saul air dol a‑mach a dh’iarraidh a anama; agus bha Daibhidh ann am fàsach Shiph ann an coille.

Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mise, agus am buail mi na Philistich sin? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Falbh, agus buail na Philistich, agus saor Ceilah.

Faicibh matà, agus biodh fios agaibh air gach àite-falaich anns a bheil e ga fhalach fhèin, agus thigibh am ionnsaigh a‑rìs le fios cinnteach, agus thèid mise maille ribh: agus an sin, ma bhios e anns an tìr, rannsaichidh mise a‑mach e air feadh uile mhìltean Iùdah.

Agus chaidh Saul air an taobh seo den t‑sliabh, agus Daibhidh agus a dhaoine air an taobh eile den t‑sliabh: agus rinn Daibhidh cabhag gu imeachd air falbh ro Shaul: oir chuartaich Saul agus a dhaoine Daibhidh agus a dhaoine, a‑chum an glacadh.

An sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs den Tighearna. Agus fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, Eirich, falbh sìos gu Ceilah; oir bheir mise na Philistich thairis dod làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan