Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 23:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thàinig teachdaire a dh’ionnsaigh Shauil, ag ràdh, Dèan cabhag agus thig; oir bhris na Philistich a‑steach air an tìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thug Abrahàm Iehòbhah-Iireh mar ainm air an àite sin: mar a theirear gus an là‑an‑diugh, Ann an sliabh an Tighearna chìthear e.

Agus nuair a chuala e ga ràdh mu Thirhacah rìgh Etiopia, Feuch, thàinig e a‑mach a chogadh riut; chuir e teachdairean a‑rìs gu Heseciah, ag ràdh,

Agus thàinig na Philistich a‑rìs, agus sgaoil iad iad fhèin anns a’ ghleann.

Chuartaich doilgheasan a’ bhàis mi, agus ghlac piantan ifrinn mi; fhuair mi teinn agus bròn.

Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach, nuair a chì e gun d’fhalbh an neart, agus nach eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgail.

Agus rinn an talamh còmhnadh ris a’ mhnaoi; agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas an tuil, a thilg an dràgon as a bheul.

Agus chaidh Saul air an taobh seo den t‑sliabh, agus Daibhidh agus a dhaoine air an taobh eile den t‑sliabh: agus rinn Daibhidh cabhag gu imeachd air falbh ro Shaul: oir chuartaich Saul agus a dhaoine Daibhidh agus a dhaoine, a‑chum an glacadh.

Uime sin thill Saul o dhol air tòir Dhaibhidh, agus chaidh e an aghaidh nam Philisteach: air an adhbhar sin thug iad Selah-hamah-lecot mar ainm air an àite sin.

Agus thubhairt Achis, Càit an do bhris sibh a‑steach an‑diugh? Agus thubhairt Daibhidh, Air an taobh deas de Iùdah, agus air an taobh deas de na Ierahmeelich, agus air an taobh deas de na Cenich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan