Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 23:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Saul air an taobh seo den t‑sliabh, agus Daibhidh agus a dhaoine air an taobh eile den t‑sliabh: agus rinn Daibhidh cabhag gu imeachd air falbh ro Shaul: oir chuartaich Saul agus a dhaoine Daibhidh agus a dhaoine, a‑chum an glacadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich uile a bha maille ris ann an Ierusalem, Eiribh, agus teicheamaid; oir mura dèan sinn sin, cha bhi dol as againn o aghaidh Absaloim; greasaibh agus imichibh, air eagal gun dèan e cabhag, agus gum beir e oirnn, agus gun tarraing e olc oirnn, agus gum buail e am baile le faobhar a’ chlaidheimh.

O ar Dia, nach toir thu breith orra? Oir chan eil neart againne an aghaidh an t‑sluaigh mhòir seo a tha a’ teachd oirnn: agus chan eil fhios againn ciod a nì sinn; ach ortsa tha ar sùilean.

Nar ceum a‑nis chuartaich iad sinn; shuidhich iad an sùilean, a’ cromadh sìos gu làr;

O ghnùis nan droch dhaoine a tha ri fòirneart orm, naimhdean m’anama a tha gam chuartachadh air gach taobh.

Chuartaich mòran tharbh mi; dh’iadh tairbh làidir Bhasain umam.

Oir chuartaich madraidh mi; dh’iadh coitheanal dhroch dhaoine umam; lot iad mo làmhan agus mo chasan.

Thubhairt mise am dheifir, Ghearradh as mi o fhianais do shùl; gidheadh dh’èisd thu ri guth m’aslachaidh nuair a dh’èigh mi riut.

Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha:

Agus chaidh iad suas air leud na talmhainn, agus chuartaich iad camp nan naomh, agus am baile ionmhainn: agus thàinig teine a‑nuas o Dhia à nèamh, agus chuir e as dhaibh.

Agus dh’innseadh do na Gàsaich, ag ràdh, Thàinig Samson an seo. Agus chuartaich iad e, agus rinn iad feall-fhalach air a shon rè na h‑oidhche ann an geata a’ bhaile, agus bha iad tosdach rè na h‑oidhche, ag ràdh, Nuair a thig solas na maidne, marbhaidh sinn e.

Agus leig Michal sìos Daibhidh tro uinneig: agus dh’fhalbh e, agus theich e, agus chaidh e as.

Ghlaodh Ionatan mar an ceudna an dèidh an òganaich, Luathaich, dèan cabhag, na stad. Agus thionail òganach Ionatain suas na saighdean, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a mhaighistir.

Agus chaidh Saul agus a dhaoine ga iarraidh; agus dh’innis iad sin do Dhaibhidh: uime sin thàinig e a‑nuas gu carraig, agus dh’fhan e ann am fàsach Mhaoin. Agus nuair a chuala Saul sin, chaidh e air tòir Dhaibhidh ann am fàsach Mhaoin.

Ach thàinig teachdaire a dh’ionnsaigh Shauil, ag ràdh, Dèan cabhag agus thig; oir bhris na Philistich a‑steach air an tìr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan