Agus thubhairt Abner ri Daibhidh, Eiridh mi, agus falbhaidh mi, agus cruinnichidh mi Israel uile a dh’ionnsaigh mo thighearna, an rìgh, a‑chum gun dèan iad coicheangal riut, agus gun rìghich thu os cionn gach nì as miann led anam: agus chuir Daibhidh Abner air falbh, agus dh’imich e ann an sìth.
Agus ma thig Lèbhitheach o aon ded gheatachan a‑mach à Israel uile, far a bheil e air chuairt, agus ma thig e le uile thogradh a inntinn don ionad a thaghas an Tighearna;
An sin thubhairt Daibhidh, An toir luchd-àiteachaidh Cheilah mise agus mo dhaoine thairis do làimh Shauil? Agus thubhairt an Tighearna, Bheir iad thairis thu.