Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 23:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Ionatan mac Shauil, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh don choille, agus neartaich e a làmh ann an Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Uime sin bi‑sa, a mhic, làidir anns a’ ghràs a tha ann an Iosa Crìosd.

Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.

Ach ghuidh mise air do shon-sa, nach dìobradh do chreideamh thu: agus nuair a dh’iompaichear thu, neartaich do bhràithrean.

Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh ma chlachadh, do bhrìgh gu robh anam an t‑sluaigh uile air a chràdh, gach duine airson a chuid mhac, agus airson a nigheanan: ach ghabh Daibhidh misneach dha fhèin anns an Tighearna a Dhia.

Agus dh’fhoillsicheadh dha aingeal o nèamh, ga neartachadh.

Agus dh’innis mi dhaibh a‑thaobh làmh mo Dhè, a bha math orm, agus mar an ceudna briathran an rìgh a labhair e rium. Agus thubhairt iad, Eireamaid agus togamaid. Agus neartaich iad an làmhan a‑chum maith.

Nì ola-ungaidh agus boltrach an cridhe ait: mar sin nì mìlsead caraid duine le comhairle a chridhe.

Geuraichear iarann air iarann, agus geuraichidh duine gnùis a charaid.

Ach thoir àithne do Iosua, agus thoir misneach dha, agus neartaich e: oir thèid esan thairis ron t‑sluagh seo, agus bheir e orra am fearann sin a chì thusa a shealbhachadh mar oighreachd.

Ach neartaichinn sibh lem bheul, agus lùghdaicheadh gluasad mo bhilean ur doilgheas.

A chionn le breugan gun do rinn sibh cridhe an ionracain dubhach, agus nach do rinn mise dubhach e; agus gun do neartaich sibh làmhan an aingidh, a‑chum nach tilleadh e o a dhroch shlighe, le bhith a’ gealltainn beatha dha.

Agus chunnaic Daibhidh gu robh Saul air dol a‑mach a dh’iarraidh a anama; agus bha Daibhidh ann am fàsach Shiph ann an coille.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan