An sin thubhairt Daibhidh, An toir luchd-àiteachaidh Cheilah mise agus mo dhaoine thairis do làimh Shauil? Agus thubhairt an Tighearna, Bheir iad thairis thu.
Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama.
Is truagh dhaibhsan a tha ag iarraidh an comhairle fhalach gu domhain on Tighearna; aig a bheil an gnìomharan anns an dorchadas, agus a tha ag ràdh, Cò a tha gar faicinn? Cò aig a bheil fhios oirnn?
Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.
Agus thubhairt fir Iùdah, Carson a thàinig sibh a‑nìos nar n‑aghaidh-ne? Agus thubhairt iadsan, A cheangal Shamsoin thàinig sinn a‑nìos, a dhèanamh air mar a rinn esan oirnne.
An toir luchd-àiteachaidh Cheilah mise thairis da làimh? An tig Saul a‑nuas mar a chuala do sheirbhiseach? A Thighearna Dhè Israeil, guidheam ort, innis dod sheirbhiseach. Agus thubhairt an Tighearna. Thig e a‑nuas.
Agus dh’innseadh do Shaul gun tàinig Daibhidh gu Ceilah; agus thubhairt Saul, Thug Dia thairis dom làimh e: oir dhruideadh a‑steach e le dol a‑steach do bhaile gheatachan agus chrann.