Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 23:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh, A Thighearna Dhè Israeil, chuala do sheirbhiseach gu cinnteach gu bheil Saul ag iarraidh teachd gu Ceilah, a sgrios a’ bhaile air mo shon-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Mas e is gu bheil lethcheud ionracan an taobh a‑staigh den bhaile, an sgrios thu mar an ceudna agus nach caomhain thu an t‑àit airson an leth-cheud ionracan a tha ann?

Agus cha b’fhiù leis làmh a chur ann am Mordecai na aonar, oir nochd iad dha sluagh Mhordecai; uime sin dh’iarr Hàman na h‑Iùdhaich uile a sgrios a bha ann an uile rìoghachd Ahasueruis, sluagh Mhordecai.

Mar leòmhann beucach, agus mar mhath-ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd.

Agus bhuail e Nob, baile nan sagart, le faobhar a’ chlaidheimh, eadar fhear agus bhean, leanabh agus chìochran, agus dhamh, agus asal, agus chaora, le faobhar a’ chlaidheimh.

An toir luchd-àiteachaidh Cheilah mise thairis da làimh? An tig Saul a‑nuas mar a chuala do sheirbhiseach? A Thighearna Dhè Israeil, guidheam ort, innis dod sheirbhiseach. Agus thubhairt an Tighearna. Thig e a‑nuas.

Agus ghairm Saul an sluagh uile a‑chum cogaidh, a dhol sìos gu Ceilah a chuartachadh Dhaibhidh agus a dhaoine.

Agus bha fhios aig Daibhidh gu robh Saul gu diamhair a’ dealbhadh uilc na aghaidh; agus thubhairt e ri Abiatar an sagart, Thoir an seo an èphod.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan