Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 22:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin fhreagair Doeg an t‑Edomach, (a bha na sheasamh maille ri seirbhisich Shauil,) agus thubhairt e, Chunnaic mi mac Iese a’ teachd gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich mhic Ahituib.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus an tì a labhras breugan, cha tèid e as.

Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh.

Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob; crathaidh e a làmh an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim.

Annadsa tha luchd-aithris sgeòil a dhòrtadh fala: agus annadsa tha iad ag ithe air na slèibhtean: ann ad mheadhon tha iad a’ cur an gnìomh neòghlaine.

Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan