Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 22:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich a sheas làimh ris, Eisdibh a‑nis, a Bheniàmineacha; eadhon dhuibhse uile an toir mac Iese achaidhean agus fìonliosan, agus an dèan e sibh uile nur ceannardan air mhìltean, agus nur ceannardan air cheudan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus dh’àireamh Daibhidh an sluagh a bha maille ris, agus chuir e ceannardan mhìltean agus ceannardan cheudan os an cionn.

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.

Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againne ann am mac Iese: dod bhùthan, O Israeil; a‑nis amhairc air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel dam bùthan.

Thàinig mar an ceudna cuid de chloinn Bheniàmin agus Iùdah don daingneach a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

Agus thig geug a‑mach o bhonn Iese, agus fàsaidh faillean suas as a fhreumhan.

Agus anns an là sin, bidh freumh Iese na sheasamh mar bhrataich do na slòigh; da ionnsaigh-san iarraidh na cinnich, agus bidh a thàmh glòrmhor.

Agus ghiùlain Daibhidh e fhèin gu glic na shlighean uile; agus bha an Tighearna maille ris.

Agus thachair an là màireach, an dara là den mhìos, gu robh àite Dhaibhidh falamh: agus thubhairt Saul ra mhac Ionatan, Carson nach tàinig mac Iese gu biadh, aon chuid an‑dè no an‑diugh?

An sin las fearg Shauil an aghaidh Ionatain, agus thubhairt e ris, A mhic na mnà crosda ceannaircich, nach eil fhios agamsa gun do thagh thu mac Iese a‑chum do mhaslaidh fhèin, agus a‑chum masladh lomnochdaidh do mhàthar?

Agus thubhairt Saul ris, Carson a chaidh sibh ann an co‑bhainn am aghaidh-sa, thusa agus mac Iese, do bhrìgh gun tug thu dha aran agus claidheamh, agus gun d’fhiosraich thu de Dhia air a shon, a‑chum gun èireadh e suas am aghaidh, a dhèanamh feall-fhalaich, mar air an là‑an‑diugh?

An sin fhreagair Doeg an t‑Edomach, (a bha na sheasamh maille ri seirbhisich Shauil,) agus thubhairt e, Chunnaic mi mac Iese a’ teachd gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich mhic Ahituib.

Agus fhreagair Nàbel seirbhisich Dhaibhidh, agus thubhairt e, Cò e Daibhidh, agus cò e mac Iese? Is lìonmhor seirbhisich anns na làithean seo a tha a’ briseadh air falbh, gach duine dhiubh, o a mhaighistir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan