Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 22:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug e iad am fianais rìgh Mhòaib; agus dh’fhan iad maille ris rè nan làithean uile a bha Daibhidh ann an daingneach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Daibhidh anns a’ mhadainn, agus thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh an fhàidh Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh,

Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo.

Agus bha Daibhidh an sin anns an daingneach; agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem.

Thàinig mar an ceudna cuid de chloinn Bheniàmin agus Iùdah don daingneach a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

Agus labhair an Tighearna ri Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh,

A‑nis gnìomharan Dhaibhidh an rìgh, eadar thoiseach agus dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar Shamueil am fear-seallaidh, agus ann an leabhar Nàtain am fàidh agus ann an leabhar Ghad am fear-seallaidh,

Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.

Agus thubhairt mi, An teich duine mar a tha mise? Agus cò mar a tha mise a rachadh a‑steach don teampall, a‑chum gum maireadh e beò? Cha tèid mi a‑steach.

As an Tighearna earbaidh mi. Carson a their sibh rim anam, Teich as mar eun gud shliabh?

Agus nuair a nì iad geur-leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.

Agus chaidh Daibhidh as a sin gu Mispeh Mhòaib, agus thubhairt e ri rìgh Mhòaib, Thigeadh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a‑mach, agus biodh iad maille ribh, gus am bi fhios agam ciod a nì Dia air mo shon.

Agus thubhairt am fàidh Gad ri Daibhidh, Na fan anns an daingneach; falbh, agus imich romhad gu tìr Iùdah. An sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thàinig e gu coillteach Hareit.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan