Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 22:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fan thusa maille riumsa; na biodh eagal ort: oir esan a dh’iarras m’anam-sa iarraidh e d’anam-sa: ach maille riumsa bidh tu fo dhìdean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.

Agus bha coluadar aige ri Ioab mac Sheruiah, agus ri Abiatar an sagart: agus a’ leantainn Adoniah, rinn iad còmhnadh ris.

Agus ri Abiatar an sagart thubhairt an rìgh, Imich gu Anatot, a dh’ionnsaigh d’fhearainn fhèin, oir tha thu a’ toilltinn a’ bhàis: ach an‑diugh cha mharbh mi thu, a chionn gun do ghiùlain thu àirc an Tighearna Iehòbhah am fianais Dhaibhidh m’athair, agus a chionn gun d’fhuiling thu àmhghar anns gach nì anns an d’fhuiling m’athair àmhghar.

An sin bheir iad thairis sibh a‑chum àmhghair, agus marbhaidh iad sibh, agus bidh fuath aig gach uile chinneach dhuibh air sgàth m’ainme-sa.

Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal-sa, coimheadaidh iad ur facal-se mar an ceudna.

Am feadh a bha mise maille riu anns an t‑saoghal, choimhead mi iad tre d’ainm-sa: ghlèidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h‑aon dhiubh, ach mac an sgrios: a‑chum gum biodh an sgriobtar air a choileanadh.

A‑chum gun coileante am facal a labhair e, An dream a thug thu dhomh, cha do chaill mi aon dhiubh.

Agus thubhairt e ris, Na biodh eagal ort; oir chan fhaigh làmh Shauil m’athair-sa thu, agus rìoghaichidh tu os cionn Israeil, agus is mise as fhaisge a bhios dhut; agus cuideachd tha fhios aig m’athair Saul air sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan