Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 22:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an rìgh ri Doeg, Tionndaidh thusa, agus buail air na sagartan. Agus thionndaidh Doeg an t‑Edomach, agus bhuail e air na sagartan; agus mharbh e air an là sin ceithir-fichead agus còig fir a dh’iomchair èphod de lìon-aodach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh iad ann an co‑bhainn na aghaidh, agus chlach iad le clachan e, air àithne an rìgh, ann an cùirt taigh an Tighearna:

Thuit an sagartan leis a’ chlaidheamh, agus cha do rinn am bantraichean bròn.

Agus do mhic Aaroin nì thu còtaichean, agus nì thu dhaibh criosan, agus bonaidean nì thu dhaibh, airson glòire agus airson maise.

Na dèan feall-fhalach, a dhroch dhuine, an aghaidh àite-còmhnaidh an fhìrein; na creach a ionad-tàimh.

Tha Ephraim sàraichte, briste ann am breitheanas; a chionn gun do ghluais e gu toileach an dèidh na h‑àithne.

Len aingidheachd tha iad a’ dèanamh an rìgh ait, agus nan uachdaran lem breugan.

Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn-sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd-àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh-sa.

Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.

Ach fhritheil Samuel an làthair an Tighearna, agus e na leanabh, air a chrioslachadh le èphod de lìon-aodach.

Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil?

Agus tàrlaidh gun tig gach neach a dh’fhàgar ad thaigh a chromadh sìos dha airson mìr airgid, agus greim arain; agus their e, Cuir mi, guidheam ort, ann an aon de dhreuchdan nan sagart, a‑chum gun ith mi greim arain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan