1 Samuel 22:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an rìgh, Gu cinnteach gheibh thu bàs, Ahimeleich, thu fhèin agus uile thaigh d’athar. Faic an caibideil |
An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.
Agus thubhairt an rìgh ris na gillean-ruith a sheas làimh ris, Tionndaidhibh agus marbhaibh sagartan an Tighearna; a chionn gu bheil mar an ceudna an làmh-san maille ri Daibhidh, agus a chionn gu robh fhios aca gun do theich e, agus nach do chuir iad an cèill dhòmhsa e. Ach cha b’àill le seirbhisich an rìgh an làmh a shìneadh a‑mach gu bualadh air sagartan an Tighearna.