1 Samuel 22:14Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin fhreagair Ahimelech an rìgh, agus thubhairt e, Agus cò am measg do sheirbhiseach uile a tha cho fìrinneach ri Daibhidh, a tha na chliamhainn aig an rìgh, agus a dh’imicheas air d’iarrtas, agus a tha urramach ann ad thaigh? Faic an caibideil |
Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech an sagart, Dh’àithn an rìgh gnothach dhòmhsa, agus thubhairt e rium, Na biodh fios aig duine sam bith a‑thaobh a’ ghnothaich ma bheil mise gad chur uam, agus a dh’àithn mi dhut: agus dh’òrdaich mi dom òganaich dol a dh’ionnsaigh a leithid seo agus a leithid siud de àite.
Agus faic, O athair, eadhon faic iomall d’fhallainge am làimh: do bhrìgh nuair a gheàrr mi air falbh iomall d’fhallainge nach do mharbh mi thu, biodh fhios agad agus faic nach eil aon chuid olc no easaontas am làimh, agus nach do pheacaich mi ad aghaidh; gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a‑chum a ghlacadh.