Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 22:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Saul, Eisd a‑nis, a mhic Ahituib. Agus fhreagair esan, Tha mi an seo, mo thighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’amhairc e na dhèidh, chunnaic e mise, agus ghairm e orm: agus fhreagair mi, Tha mi an seo.

A‑nis nuair a thàinig Mephiboset, mac Ionatain, mac Shauil, a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh, A Mhephiboset! Agus fhreagair esan, Feuch, do sheirbhiseach.

Dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach robh gam fharraid; fhuaireadh mi leòsan nach robh gam iarraidh; thubhairt mi, Feuch mi, feuch mi, ri cinneach nach robh air ainmeachadh orm.

An sin chuir an rìgh fios air Ahimelech an sagart, mac Ahituib, agus taigh a athar uile, na sagartan a bha ann an Nob: agus thàinig iad uile a dh’ionnsaigh an rìgh.

Agus thubhairt Saul ris, Carson a chaidh sibh ann an co‑bhainn am aghaidh-sa, thusa agus mac Iese, do bhrìgh gun tug thu dha aran agus claidheamh, agus gun d’fhiosraich thu de Dhia air a shon, a‑chum gun èireadh e suas am aghaidh, a dhèanamh feall-fhalaich, mar air an là‑an‑diugh?

Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich a sheas làimh ris, Eisdibh a‑nis, a Bheniàmineacha; eadhon dhuibhse uile an toir mac Iese achaidhean agus fìonliosan, agus an dèan e sibh uile nur ceannardan air mhìltean, agus nur ceannardan air cheudan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan