Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 22:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’imich Daibhidh air an adhbhar sin as a sin, agus chaidh e as gu uaimh Adulaim: agus nuair a chuala a bhràithrean agus taigh a athar uile e, chaidh iad sìos an sin da ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus anns an àm sin fhèin chaidh Iùdah sìos o a bhràithrean, agus thionndaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh Adulamaich àraidh, dom b’ainm Hirah.

A‑nis chaidh triùir de na deich-ceannardan-fichead sìos don charraig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, gu uaimh Adullaim: agus champaich feachd nam Philisteach ann an gleann Rephaim.

Beannaichidh mi an Tighearna gach àm; an còmhnaidh bidh a mholadh ann am bheul.

Agus bheir mise oighre ad ionnsaigh-sa, O bhean-àiteachaidh Mharesah; thig e gu Adulam, glòir Israeil.

Oir feuch, thig an Tighearna a‑mach as a àite; agus thig e a‑nuas, agus saltraidh e air ionadan àrda na talmhainn.

(Dream air nach b’airidh an saoghal); a’ dol air seachran ann am fàsaichean, agus air slèibhtean, agus ann an uaimhean agus ann an sluic na talmhainn.

Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon;

Iarmut, agus Adulam, Sochoh, agus Asecah,

Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, an là mun dubhairt an Tighearna riut, Feuch, bheir mi thairis do nàmhaid dod làimh, a‑chum gun dèan thu ris mar as àill leat. An sin dh’èirich Daibhidh, agus gheàrr e air falbh iomall fallaing Shauil os ìosal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan