Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 21:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an sagart, Claidheamh Gholiath, am Philisteach, a mharbh thu ann an gleann Elah, feuch, tha e an seo paisgte ann an aodach air cùlaibh na h‑èphoid: ma ghabhas tu sin dhut fhèin, gabh e; oir chan eil claidheamh sam bith eile ach e an seo. Agus thubhairt Daibhidh, Chan eil a leithid eile ann, thoir dhomh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnicheadh Saul agus fir Israeil an ceann a chèile, agus champaich iad ann an gleann Elah, agus chuir iad an cath an òrdagh an aghaidh nam Philisteach.

Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech, Agus nach eil an seo fod làimh sleagh no claidheamh? Oir cha tug mi aon chuid mo chlaidheamh no m’airm eile leam, a chionn gu robh gnothach an rìgh cabhagach.

Agus dh’fhiosraich e air a shon den Tighearna, agus thug e biadh dha, agus thug e dha claidheamh Gholiath am Philisteach.

Agus chuir iad a armachd ann an taigh Astaroit: agus spàrr iad a chorp ri balla Bhet-sain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan