Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 21:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech, Agus nach eil an seo fod làimh sleagh no claidheamh? Oir cha tug mi aon chuid mo chlaidheamh no m’airm eile leam, a chionn gu robh gnothach an rìgh cabhagach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Chaidh na teachdairean a‑mach, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, le cabhaig, agus iad air an greasad le àithne an rìgh: agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt.

Na giùlainibh sporan, no màla, no brògan; agus na beannaichibh do neach air bith anns an t‑slighe.

A‑nis bha duine àraidh de sheirbhisich Shauil an sin air an là sin, air a chumail an làthair an Tighearna; agus b’e a ainm Doeg, Edomach, am fear a b’àirde de na buachaillean a bhuineadh do Shaul.

Agus thubhairt an sagart, Claidheamh Gholiath, am Philisteach, a mharbh thu ann an gleann Elah, feuch, tha e an seo paisgte ann an aodach air cùlaibh na h‑èphoid: ma ghabhas tu sin dhut fhèin, gabh e; oir chan eil claidheamh sam bith eile ach e an seo. Agus thubhairt Daibhidh, Chan eil a leithid eile ann, thoir dhomh e.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abiatar, Bha fhios agam air an là anns an robh Doeg an t‑Edomach an sin, gu cinnteach gun innseadh e do Shaul: is mise a b’adhbhar bàis gach neach de thaigh d’athar.

An sin fhreagair Doeg an t‑Edomach, (a bha na sheasamh maille ri seirbhisich Shauil,) agus thubhairt e, Chunnaic mi mac Iese a’ teachd gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich mhic Ahituib.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan