Agus fhreagair an sagart Daibhidh, agus thubhairt e, Chan eil aran coitcheann sam bith fom làimh, ach tha aran coisrigte ann; ma ghlèidh na h‑òganaich iad fhèin air bheag sam bith o mhnathan.
A labhairt ris na sagartan a bha ann an taigh Tighearna nan sluagh, agus ris na fàidhean, ag ràdh, An dèan mi gul anns a’ chòigeamh mìos, gam dhealachadh fhèin, mar a rinn mi an iomadh bliadhna seo?)
Na cumaibh ur dlighe o chèile, ach le toil a chèile rè tamaill, a‑chum sibh fhèin a thoirt do thrasg agus do ùrnaigh; agus thigibh cuideachd a‑rìs, a‑chum nach buair Sàtan sibh airson ur neo-gheamnaidheachd.
Uime sin thug an sagart dha aran naomh; oir cha robh aran sam bith an sin ach aran na fianais, a thugadh à fianais an Tighearna, gu aran teth a chur sìos anns an là anns an tugadh air falbh e.