Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 21:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech an sagart, Dh’àithn an rìgh gnothach dhòmhsa, agus thubhairt e rium, Na biodh fios aig duine sam bith a‑thaobh a’ ghnothaich ma bheil mise gad chur uam, agus a dh’àithn mi dhut: agus dh’òrdaich mi dom òganaich dol a dh’ionnsaigh a leithid seo agus a leithid siud de àite.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Isaac ra mhac, Cionnas a fhuair thu i cho luath, a mhic? Agus thubhairt esan, A chionn gun do chuir an Tighearna do Dhia am rathad i.

Agus thubhairt e, An tusa fhèin mo mhac Esau? Agus thubhairt esan, Is mi.

Agus thubhairt e ris, Is fàidh mise mar an ceudna mar thu fhèin, agus labhair aingeal rium le facal an Tighearna, ag ràdh, Thoir air ais leat e dod thaigh, a‑chum is gun ith e aran, agus gun òl e uisge. Ach rinn e breug dha.

Ann an Anatot, Nob, Ananiah,

Cuir uam slighe nam breug, agus gu gràsmhor deònaich dhomh do lagh.

Cuir, a Thighearna, faire air mo bheul; glèidh doras mo bhilean.

Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob; crathaidh e a làmh an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim.

Oir ro do dhream àraidh teachd o Sheumas, dh’ith e biadh maille ris na Cinnich, ach nuair a thàinig iadsan, chaidh e a thaobh, agus thearbaidh e e fhèin, air eagal na muinntir a bha den timcheall-ghearradh.

Na dèanaibh breug da chèile, do bhrìgh gun do chuir sibh dhibh an seann duine maille ra ghnìomharan,

Agus thubhairt Saul ri Michal, Carson a mheall thu mi mar seo, agus a chuir thu air falbh mo nàmhaid, air chor is gun deachaidh e as? Agus fhreagair Michal Saul, Thubhairt e rium, Leig dhomh imeachd; carson a mharbhainn thu?

A‑nis uime sin ciod a tha fod làimh? Thoir dhomh còig buileannan arain am làimh, no ge bè nì a tha an làthair.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abiatar, Bha fhios agam air an là anns an robh Doeg an t‑Edomach an sin, gu cinnteach gun innseadh e do Shaul: is mise a b’adhbhar bàis gach neach de thaigh d’athar.

An sin fhreagair Doeg an t‑Edomach, (a bha na sheasamh maille ri seirbhisich Shauil,) agus thubhairt e, Chunnaic mi mac Iese a’ teachd gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich mhic Ahituib.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan