Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 21:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’atharraich e a ghiùlan nam fianais, agus leig e air fhèin a bhith air a’ chuthach nan làmhan, agus sgrìob e air còmhlachan a’ gheata, agus leig e le a shileadh tuiteam sìos air a fheusaig.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.

Gu cinnteach cuiridh fòirneart duine glic air bhoile, agus millidh tìodhlac an cridhe.

Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?

Ma tha aig duine no mnaoi plàigh air a’ cheann, no air an fheusaig;

Nuair a chuala Saul agus Israel uile bhriathran sin an Philistich, bha iad fo uamhas, agus fo eagal mòr.

An sin thubhairt Achis ra sheirbhisich, Feuch, chì sibh gu bheil an duine air a’ chuthach: carson matà a thug sibh am ionnsaigh-sa e?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan