Agus bha eagal air, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e air sgàth a anama, agus thàinig e gu Beer-sèba a bhuineas do Iùdah, agus dh’fhàg e a òglach an sin.
Agus nuair a chuala Iehoiacim an rìgh, agus a dhaoine cumhachdach uile, agus na maithean uile, a bhriathran, dh’iarr an rìgh a chur gu bàs; agus chuala Uriah sin, agus bha eagal air, agus theich e, agus dh’imich e don Eiphit:
Agus chruinnicheadh Saul agus fir Israeil an ceann a chèile, agus champaich iad ann an gleann Elah, agus chuir iad an cath an òrdagh an aghaidh nam Philisteach.
Uime sin ruith Daibhidh agus sheas e air an Philisteach, agus ghlac e a chlaidheamh, agus tharraing e as a thruaill e, agus mharbh e e, agus gheàrr e dheth a cheann leis. Agus nuair a chunnaic na Philistich gu robh an gaisgeach marbh, theich iad.