Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 21:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thàinig Daibhidh gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich an sagart: agus bha eagal air Ahimeleich a’ coinneachadh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Carson a tha thu ad aonar, agus nach eil duine sam bith maille riut?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Ann an Anatot, Nob, Ananiah,

Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob; crathaidh e a làmh an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim.

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd-shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris?

Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan.

Agus rinn Samuel an nì sin a labhair an Tighearna, agus thàinig e gu Betlehem: agus chriothnaich seanairean a’ bhaile ra theachd, agus thubhairt iad, An ann an sìth a tha thu a’ teachd?

Agus rinn iadsan nan dithis coicheangal am fianais an Tighearna: agus dh’fhan Daibhidh anns a’ choille, agus dh’imich Ionatan da thaigh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan