Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 20:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Ionatan, Guma fada sin uat; oir ma bhios fios gu cinnteach agamsa gu bheil olc air a shònrachadh lem athair gu teachd ortsa, an sin nach innis mise dhut e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach bha tlachd mòr aig Ionatan mac Shauil ann an Daibhidh: agus dh’innis Ionatan do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha m’athair Saul ag iarraidh do mharbhadh; a‑nis uime sin, guidheam ort, thoir an aire dhut fhèin anns a’ mhadainn, agus fan ann an àite diamhair, agus falaich thu fhèin.

Agus thèid mise a‑mach, agus seasaidh mi làimh rim athair anns a’ mhachair anns am bi thu, agus labhraidh mi mud thimcheall rim athair; agus an nì a chì mi, sin innsidh mi dhut.

An sin thubhairt Daibhidh ri Ionatan, Cò a dh’innseas dhomh, ma fhreagras d’athair thu gu garg?

Ghlaodh Ionatan mar an ceudna an dèidh an òganaich, Luathaich, dèan cabhag, na stad. Agus thionail òganach Ionatain suas na saighdean, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a mhaighistir.

Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Imich an sìth, do bhrìgh gun do mhionnaich sinn le chèile ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa, agus eadar mo shliochd-sa agus do shliochd-sa gu bràth. Agus dh’èirich e agus dh’imich e: agus chaidh Ionatan don bhaile.

Uime sin buinidh tu gu coibhneil rid sheirbhiseach; oir thug thu air do sheirbhiseach coicheangal an Tighearna a dhèanamh riut: gidheadh, ma tha olc annamsa, marbh fhèin mi; oir carson a bheireadh tu mi a dh’ionnsaigh d’athar?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan